1. Leanabh an àigh, an leanabh bh' aig Màiri Rugadh 's an stàbull, Righ nan Dùl; Thàinig do 'n fhàsach, dh'fhulang 'n ar n-àite 'Son iad an àireamh, bhitheas dha dlùth. 2. Ged a bhios leanaban aig rìghrean na talmhainn An greadhnachas garbh is anabarr mùirn 'S geàrr gus am falbh iad 's fàsaidh iad anfhann An áilleachd 'san dealbh a' searg 'san ùir. 3. Cha b' ionnan 's an t-Uan 'thàinig gar fuasgldh Iriosal stuama Ghluais e 'n tùs 'S E naomh gun truailleachd cruithear an t-sluaigh Dh' èirich e suas le buaidh o 'n ùir. 4. Leanabh an àigh, mar dh'aithris na fàidhean; 'S na h-àinglean àrd', b' E miann an sùl; 'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dhà. Sona an àireamh bhitheas dhà dlùth.