Thuit mi ann an gaol an raoir, Bha mo chridhe shuas air beinn, Màiri Bhàn ri m' thaobh a' seinn; Tha mi 'dol 'ga pòsadh. Chorus: 'S i mo ghaol-sa Màiri Bhàn Màiri bhòidheach sgeul mo dhàin, Gaol mo chridh'-sa Màiri Bhàn, 'S tha mi 'dol 'ga pòsadh. 'S ann aig céilidh aig a' Mhòd Thachair mise ris an òigh' 'S i-se choisinn am Bonn Òir; 'S tha mi 'dol 'ga pòsadh. Bi mo ghaol do Mhàiri Bhàn Dìleas, dùrachail gu bràth, Seinnidh sinn d'a chéil' ar gràdh; 'S tha mi 'dol 'ga pòsadh.